This page is also available in English
Tha Alasdair Mac a’ Phì na thidsear bun-sgoil foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig Bun-sgoil Chnoc a’ Chonaisg ann an Grianaig, Inbhir Chluaidh. ’S e neach-labhairt tùsanach na Gàidhlig à Beinn na Faoghla a th’ ann, ’s thug greis-obrach ann am bun-sgoil san eilean spionnadh dha B.Ed ann am Foghlam Bun-sgoile a chosnadh tro Oilthigh Shrath Chluaidh ’s cheumnaich e ann an 2014. ’S e tosgaire Gàidhlig aithnichte a th’ ann an Alasdair, agus tha an dealas aige airson deagh Ghàidhlig agus Deagh Chleachdadh air iomadh buannachd a thoirt do sgoilearan is a cho-obraichean air feadh na h-Alba.
“San àrd-sgoil fhuair mi an cothrom ùine a chur seachad ag obair ann am bun-sgoil, agus bhon àm sin bha mi cinnteach gun robh mi airson a bhith nam thidsear. Bha mi airson diofar a dhèanamh ann am beatha dhaoin’ òga agus cultar is dualchas na Gàidhlig a lìbhrigeadh dhaibh ann an dòighean inntinneach.
Tha e a’ còrdadh rium a bhith a’ cleachdadh Gàidhlig nam obair làitheil. Tha e na thlachd dhomh an cànan a theagasg do dhaoin’ òga ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus air feadh na sgoile tro 1+2. Mar thidsear Gàidhlig, tha e uabhasach cudromach dòighean diofraichte a lorg airson an cànan a theagasg. Mar sin, bidh mi a’ cleachdadh ceòl na Gàidhlig airson cultar nan Gàidheal a theagasg do na sgoilearan agam agus na sgilean cainnt aca leasachadh. Tha mi air clubaichean is còisearan a chuir air dòigh gus cothroman a thoirt dhaibh an cànan a chleachdadh a-mach às an t-seòmar-sgoile.
Cho luath ’s a thòisich mi air teagasg mhothaich mi gur e na dàimhean a th’ againn leis na sgoilearan againn an rud as cudromaiche ann an ionnsachadh is teagasg. Feumaidh sinn a bhith cinnteach gu bheil sinn a’ tuigsinn nam feumlachdan a th’ aca agus a’ strì airson a h-uile sian a dh’fheumas iad.
Bha mi ag obair le tidsear bho chionn fhada a bhiodh ag ràdh tric gur e an tidsear an goireas as fheàrr a th’ againn gus ar cànan a chumail beò. Bidh mi a’ smaoineachadh air na briathran aice bho àm gu àm agus tha sin gam chumail ceart! ’S e tidsearan de dh’àrd chàileachd ann an seòmar-sgoile Gàidhlig a bhios a’ toirt buaidh shàr-mhath air adhartas nan sgoilearan – agus feumaidh sinn ar dìcheall a dhèanamh a chumail ris a sin.
Ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig tha leasachadh proifeasanta aig ìre sam bith a’ toirt buaidh dhomhainn air na tha tachairt anns na seòmraichean-sgoile againn. Leis a sin tha mi a’ feuchainn ri cothroman a chruthachadh dhomh fhìn is do thidsearan eile. Chuir mi buidheann Facebook air dòigh gus àite a thoirt do luchd-obrach bho sgoiltean air feadh na dùthcha goireasan a sgaoileadh agus bruidhinn ri chèile.
’S e obair sgoinneil a th’ ann a bhith teagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Tha iomadh buannachd ann do sgoilearan is tidsearan le chèile. Tha e cudromach dhomh a bhith brosnachadh sgoilearan gus na comasan agus na tàlantan aca a leudachadh. Tha gach sgoilear a toirt togail dhomh a h-uile latha nam dhreuchd. Air sgàth seo tha mi airson a bhith cinnteach gu bheil a h-uile sgoilear a’ coileanadh an làn chomais.”